John 16:17 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin thuirt cuid dhe a dheisciobail ri chèile, “Dè a tha seo a tha e ag ràdh rinn, ‘Ùine bheag, agus chan fhaic sibh tuilleadh mi; agus a‑rithist ùine bheag, agus chì sibh mi,’ agus ‘A chionn 's gu bheil mi a' dol gum Athair’?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thubhairt cuid de a dheisciobail eatorra fhèin, Ciod e seo a tha e ag ràdh rinn, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, Tamall beag agus chì sibh mi: agus, Do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thubhairt cuid de a dheisciobail eatorra fhèin, Ciod e seo a tha e ag ràdh rinn, Tamall beag agus chan fhaic sibh mi: agus a‑rìs, Tamall beag agus chì sibh mi: agus, Do bhrìgh gu bheil mi dol a‑chum an Athar?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin thuirt cuid dhe dheisciopuil ri cheile: Ciod e so tha e g-radh ruinn: Uine bheag, ʼs cha n-fhaic sibh mi, agus a rithist uine bheag, us chi sibh mi: agus a chionn gum beil mi dol a dhʼ ionnsuidh an Athar?