John 16:23 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Air an latha sin chan iarr sibh rud sam bith ormsa. Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e dè a dh'iarras sibh air an Athair nam ainm‑sa, gun toir e dhuibh e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air an là sin chan fheòraich sibh nì air bith dhìomsa. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nithean a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm-sa, gun toir e dhuibh iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air an là sin chan fheòraich sibh nì air bith dhìomsa. Gu deimhinn deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge bè nithean a dh’iarras sibh air an Athair ann am ainm‐sa, gun toir e dhuibh iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus air an latha sin cha n-iarr sibh ni air bith orm. Gu firinneach firinneach tha mi g-radh ribh: ma dhʼiarras sibh ni air bith air an Athair na mʼ ainmse, bheir e dhuibh e.