John 17:12 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhad 's a bha mise còmhla riutha, chùm mi iad nad ainm‑sa, a tha thu air a thoirt dhomh. Tha mi air an gleidheadh, agus cha deach aon dhiubh a chall ach mac an sgrios, airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm-sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Am feadh a bha mise maille riu anns an t‑saoghal, choimhead mi iad tre d’ainm‐sa: ghlèidh mi a’ mhuinntir a thug thu dhomh, agus cha do chailleadh a h‑aon dhiubh, ach mac an sgrios: a‑chum gum biodh an sgriobtar air a choileanadh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fhad sa bha mi comhla riu, ghleidh mi iad na tʼ ainm-se. Ghleidh mi iadsan, a thug thu dhomh; ʼs cha do chailleadh a h-aon diu, ach mac an sgrios, chum gun coimhlionar an sgriobtur.