John 18:20 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhreagair Ìosa e, “Tha mise air bruidhinn gu follaiseach ris an t‑saoghal. Tha mi an‑còmhnaidh air teagasg anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far am bi na h‑Iùdhaich gu lèir a' tighinn còmhla. Agus cha tuirt mi rud sam bith gu dìomhair.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Fhreagair Iosa e, Labhair mise gu follaiseach ris an t‑saoghal; theagaisg mi a‑ghnàth anns an t‑sionagog, agus anns an teampall, far a bheil na h‑Iùdhaich a’ cruinneachadh as gach àit; agus am falach cha do labhair mi nì air bith.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fhreagair Iosa e: Labhair mi gu follaiseach ris an t-saoghal; ʼs theagaisg mi daonnan anns an t-sinagog, agus anns an teampull, far a bheil na h-Iudhaich uile a tional: agus an uaigneas cha do labhair mi ni air bith.