John 18:28 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin thug iad Ìosa o Chaiaphas gu prìomh‑àros an riaghladair. Bha e tràth sa mhadainn. Cha deach iad fhèin a‑steach dhan phrìomh‑àros, airson 's nach biodh iad air an truailleadh, ach gun deigheadh aca air a' Chàisg ithe.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thug iad Iosa o Chaiaphas gu àit a’ bhreitheanais: agus b’i a’ mhadainn a bha ann, agus cha deachaidh iad fhèin do àit a’ bhreitheanais, a‑chum nach biodh iad air an salachadh; ach gun itheadh iad a’ chàisg.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin thug iad Iosa bho Chaiphas gu talla an uachdrain. Us bʼ i mhaduinn a bhʼann; agus cha deach iad fhein a stigh do ʼn talla, gus nach biodh iad air an truailleadh, ach gun icheadh iad a chàisg.