John 19:23 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin, nuair a bha na saighdearan air Ìosa a cheusadh, ghabh iad an t‑aodach‑uachdair aige, agus rinn iad ceithir pàirtean dheth, pàirt dha gach saighdear, agus an lèine‑fhada aige anns an aon dòigh, agus bha an lèine‑fhada gun a fuaigheal, air a fighe on mhullach sìos gu h‑iomlan.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin nuair a cheus na saighdearan Iosa, ghlac iad a thrusgan, (agus rinn iad ceithir earrannan dheth, earrann do gach saighdear), agus a chòta mar an ceudna: agus bha an còta gun fhuaigheal, air fhighe o a bhràigh sìos gu h‑iomlan.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin nuair a cheus na saighdearan Iosa, ghlac iad a thrusgan, (agus rinn iad ceithir earrannan dheth, earrann do gach saighdear), agus a chòta mar an ceudna: agus bha an còta gun fhuaigheal, air fhighe o a bhràigh sìos gu h‑iomlan.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin, air do na saighdearan a cheusadh, rug iad air aodach (us rinn iad ceithir earrannan, earrann do gach saighdear), agus air ʼfhalluinn. A nis bha ʼfhalluinn gun fhuaghal, air a figheadh bho braighe gu h-iochdar.