John 19:24 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin thuirt iad ri càch‑a‑chèile, “Na sracamaid i, ach tilgeamaid croinn air a son, airson faicinn cò leis a bhitheas i.” Bha seo airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh, a tha ag ràdh: “Roinn iad m' aodach‑uachdair eatarra, agus thilg iad croinn airson m' aodaich.” Mar sin rinn na saighdearan na rudan seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thubhairt iad uime sin eatorra fhèin, Na reubamaid e, ach tilgeamaid croinn air, cò aig a bhios e: a‑chum gun coileante an sgriobtar, a tha ag ràdh, Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus thilg iad croinn air mo bhrat. Air an adhbhar sin rinn na saighdearan na nithean seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thubhairt iad uime sin eatorra fhèin, Na reubamaid e, ach tilgeamaid croinn air, cò aig a bhios e: a‑chum gun coileante an sgriobtar, a tha ag ràdh, Roinn iad mo thrusgan eatorra, agus thilg iad croinn air mo bhrat. Air an adhbhar sin rinn na saighdearan na nithean seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt iad an sin ri cheile: Na stracamaid i, ach tilgemid crainn oirre, co aig am bi i. Chum gun coimhlionteadh an sgriobtur, a g-radh: Roinn iad mʼ aodach eatorra; ʼs air mʼ fhalluinn thilg iad crainn. Agus gu dearbh rinn na saighdearan na nichean so.