John 19:31 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A chionn 's gum b' e Latha an Ullachaidh a bh' ann, agus airson 's nach fanadh na cuirp air a' chrann‑cheusaidh air an t‑Sàbaid (oir b' e latha mòr a bh' anns an latha Sàbaid sin), dh'iarr na h‑Iùdhaich air Pìlat gun deigheadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun deigheadh an toirt air falbh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann-cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin a‑chum nach fanadh na cuirp air a’ chrann‐cheusaidh air an t‑sàbaid, a chionn gum b’e là an ullachaidh a bha ann (oir bu là mòr an là sàbaid sin), dh’iarr na h‑Iùdhaich air Pilat gun rachadh an luirgnean a bhriseadh, agus gun tugte air falbh iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin, (bho na bʼ e latha an deasachaidh a, bhʼ ann) los nach fanadh an cuirp air a chrois air an t-sàbaid, (oir bu mhor an latha sàbaid sin) ghuidh na h-Iudhaich air Pilat, gun rachadh an luirgnean a bhristeadh, ʼs gun tugteadh air falbh iad.