John 19:4 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chaidh Pìlat a‑mach a‑rithist, agus thuirt e riutha, “Seallaibh, tha mi ga thoirt a‑mach thugaibh airson 's gum bi fios agaibh nach eil mise a' faighinn ciont sam bith ann.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin chaidh Pilat a‑mach a‑rìs, agus thubhairt e riu, Feuch, tha mi ga thoirt a‑mach dur n‑ionnsaigh, a‑chum gum bi fhios agaibh nach eil mise a’ faotainn coire sam bith ann.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Chaidh Pilat an sin a mach rithist, us thuirt e riu: Seall, tha mi ga thoirt a mach gu ʼr n-ionnsuidh, gu fios a bhith agaibh nach eil mi faighinn coire ann.