John 2:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin bhlais fear‑cinn na cuirme an t‑uisge a chaidh a thionndadh gu fìon. Cha robh fios aige cò às a thàinig e, ach bha fios aig na seirbheisich a tharraing an t‑uisge. Ghairm e air fear na bainnse,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Nuair a bhlais uachdaran na cuirme an t‑uisge a rinneadh na fhìon (agus cha robh fhios aige cia as a thàinig e; ach bha fhios aig an luchd-frithealaidh a tharraing an t‑uisge), ghairm uachdaran na cuirme am fear nuadh-pòsda,
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Nuair a bhlais uachdaran na cuirme an t‑uisge a rinneadh na fhìon (agus cha robh fhios aige cia as a thàinig e; ach bha fhios aig an luchd‐frithealaidh a tharraing an t‑uisge), ghairm uachdaran na cuirme am fear nuadh‐pòsda,
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bhlais ard-riaghladair na cuilme an t-uisge a chaidh thionndadh gu fion, ʼs e gun fhios aige co as a bha e, ach bha fios aig an luchd-riarachaidh a tharruinn an t-uisge, ghairm an t-ard-riaghladair fear-na-bainnse,