John 20:17 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt Ìosa rithe, “Na cùm grèim orm, oir cha deach mi fhathast suas gum Athair. Ach thalla gu mo bhràithrean agus can riutha, ‘Tha mise a' dol suas gum Athair‑sa agus gu ur n‑Athair‑se, agus gu mo Dhia‑sa agus ur Dia‑se.’”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar-se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thubhairt Iosa rithe, Na bean rium; oir cha deachaidh mi fhathast suas a‑chum m’Athar: ach imich a‑chum mo bhràithrean, agus abair riu, Tha mise a’ dol suas a‑chum m’Athar fhèin agus ur n‑Athar‐se, agus a‑chum mo Dhè fhèin agus ur Dè‑se.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thuirt Iosa rithe: Na bean dhomh, oir cha deachaidh mi fhathast suas gu mʼ Athair: ach falbh gu mo bhraithrean, agus abair riu: Tha mi dol suas gu mʼ Athair, us gu ʼr n-Athair-sa, gu mʼ Dhia ʼs ur Dia-sa.