John 20:25 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin thuirt na deisciobail eile ris, “Chunnaic sinne an Tighearna.” Ach thuirt esan riutha, “Mura faic mise làrach nan tàirnean na làmhan, agus mura cuir mi mo chorrag ann an làrach nan tàirnean, agus mura cuir mi mo làmh na chliathaich, cha chreid mi.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin thubhairt na deisciobail eile ris, Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thubhairt esan riu, Mura faic mise aileadh nan tàirngean na làmhan, agus mura cuir mi mo mheur ann an aileadh nan tàirngean, agus mura cuir mi mo làmh na thaobh, cha chreid mi.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Uime sin thuirt na deisciopuil eile ris: Chunnaic sinne an Tighearna. Ach thuirt esan riu: Mur faic mi ʼna lamhan athailtean nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo mhiar ann an aite nan tairgnean, ʼs mur cuir mi mo lamh ʼna thaobh, cha chreid mi.