John 21:17 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt e ris an treas uair, “A Shìmoin mhic Iònais, a bheil gràdh agad ormsa?” Bha Peadar brònach a chionn 's gun tuirt e ris an treas uair, “A bheil gràdh agad ormsa?” Agus thuirt e ris, “A Thighearna, is aithne dhut a h‑uile rud, tha fios agad gu bheil gràdh agam ort.” Fhreagair Ìosa, “Beathaich mo chaoraich.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Thubhairt e ris an treas uair, A Shìmoin mhic Iònais, an toigh leat mise? Bha Peadar duilich a chionn gun dubhairt e ris an treas uair, An toigh leat mise? Agus thubhairt e ris, A Thighearna, is aithne dhut na h‑uile nithean: tha fhios agad gur toigh leam thu. Thubhairt Iosa ris, Beathaich mo chaoraich.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thuirt e ris an treas uair: A Shimoin mhic Eoin, am beil gaol agad ormsa? Bha Peadar duilich, a chionn gun tuirt e ris an treas uair: Am beil gaol agad orm? Us thuirt e ris: A Thighearna, is aithne dhut a h-uile ni: tha fios agad gum beil gaol agam ort. Thuirt e ris: Beathaich mo chaoraich.