John 21:6 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt esan riutha, “Tilgibh an lìon air an taobh deas dhen eathar, agus lorgaidh sibh feadhainn.” Mar sin thilg iad e, agus a‑nis cha b' urrainn dhaibh a tharraing a‑steach air sgàth lìonmhorachd an èisg.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt esan riu, Tilgibh an lìon air an taobh a deas den luing, agus gheibh sibh. Thilg iad uime sin, agus a‑nis cha b’urrainn iad a tharraing airson lìonmhorachd an èisg.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt esan riu, Tilgibh an lìon air an taobh a deas den luing, agus gheibh sibh. Thilg iad uime sin, agus a‑nis cha b’urrainn iad a tharraing airson lìonmhorachd an èisg.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Thuirt e riu: Cuiribh an lion air taobh deas an t-saghaich; ʼs gheobh sibh. Chuir iad e ma ta; ʼsa nis cha bʼ urrainn daibh a tharruinn le lionmhorachd an éisg.