John 21:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin thuirt an deisciobal sin a bu ghràdhach le Ìosa ri Peadar, “Is e an Tighearna a th' ann!” Mar sin nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bh' ann, chuir e air a bhall aodaich uachdair (oir bha e rùisgte), agus thilg e e fhèin dhan mhuir.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin thubhairt an deisciobal sin, a b’ionmhainn le Iosa, ri Peadar, Is e an Tighearna a tha ann. A‑nis nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bha ann, cheangail e a chòt-uachdair uime (oir bha e lomnochd), agus thilg e e fhèin anns a’ mhuir.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin thubhairt an deisciobal sin, a b’ionmhainn le Iosa, ri Peadar, Is e an Tighearna a tha ann. A‑nis nuair a chuala Sìmon Peadar gur e an Tighearna a bha ann, cheangail e a chòt‐uachdair uime (oir bha e lomnochd), agus thilg e e fhèin anns a’ mhuir.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Uime sin thuirt an deisciopul bu toigh le Iosa ri Peadar: Se an Tighearna a thʼ ann. Nuair a chuala Simon Peadar gum bʼ e an Tighearna a bhʼann, chuir e uime eideadh (oir bha e ruisgte), us thilg e e fhein sa mhuir.