John 4:23 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach tha an uair a' tighinn, agus tha e a‑nis ann, nuair a nì am fìor luchd‑adhraidh adhradh dhan Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn, oir is iad a leithid seo de luchd‑adhraidh a tha an t‑Athair a' sireadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach tha an uair a’ teachd, agus tha i a‑nis ann, anns an dèan am fìor luchd-adhraidh adhradh don Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn: oir tha an t‑Athair ag iarraidh an leithidean seo de luchd-adhraidh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach tha an uair a’ teachd, agus tha i a‑nis ann, anns an dèan am fìor luchd‐adhraidh adhradh don Athair ann an spiorad agus ann am fìrinn: oir tha an t‑Athair ag iarraidh an leithidean seo de luchd‐adhraidh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir tha ʼn uair a tighinn, ʼs tha i nis ann, anns an toir am fior luchd-aoraidh aoradh do ʼn Athair ann an spiorad ʼs am firinn. Oir ʼsiad an leithidean sin, a tha an t-Athair a sireadh gu aoradh a thoirt da.