John 4:27 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Dìreach an uair sin thill a dheisciobail agus chuir e iongnadh orra gun robh e a' còmhradh ri boireannach. Ach cha do dh'fhaighnich aon neach, “Dè a tha thu a' sireadh?” no “Carson a tha thu a' còmhradh rithe?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air a seo thàinig a dheisciobail, agus b’iongantach leo gu robh e a’ labhairt ris a’ mhnaoi: ach cha dubhairt aon neach, Ciod a tha thu ag iarraidh? No, Carson a tha thu a’ labhairt rithe?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air a seo thàinig a dheisciobail, agus b’iongantach leo gu robh e a’ labhairt ris a’ mhnaoi: ach cha dubhairt aon neach, Ciod a tha thu ag iarraidh? No, Carson a tha thu a’ labhairt rithe?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thainig a dheisciopuil sa cheart uair: ʼs bha iongantas orra gun robh e a bruidhinn ris a bhoirionnach. Ach cha tuirt duine: Ciod a tha thu sireadh, no, car-son a tha thu bruidhinn rithe?