John 4:45 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Nuair a thàinig e gu Galile, ghabh na Galilèaich ris. Bha iad air a h‑uile rud a rinn e ann an Ierusalem aig an Fhèill fhaicinn, oir chaidh iadsan cuideachd chun na Fèille.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin, nuair a thàinig e do Ghalile, ghabh na Galilèaich ris, air dhaibh na nithean sin uile fhaicinn a rinn e ann an Ierusalem air an fhèill: oir chaidh iadsan mar an ceudna a‑chum na fèille.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin, nuair a thàinig e do Ghalile, ghabh na Galilèaich ris, air dhaibh na nithean sin uile fhaicinn a rinn e ann an Ierusalem air an fhèill: oir chaidh iadsan mar an ceudna a‑chum na fèille.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus an deigh dha tighinn do Ghalile, ghabh na Galiléanaich ris, a chionn gum faca iad na nichean uile a rinn e ann an Ierusalem air latha na feille: oir bha iad fhein air tighinn thun na feille.