John 5:4 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
[Oir o àm gu àm chaidh aingeal dhen Tighearna sìos dhan linne agus chuir e an t‑uisge troimh‑a‑chèile. Mar sin, a' chiad neach a rachadh sìos às dèidh dhan uisge a bhith air a chur troimh‑a‑chèile, bha e air a dhèanamh slàn o ge b' e dè an tinneas a bh' air. ]
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Oir chaidh aingeal sìos an àm àraidh anns an lochan, agus chuir e an t‑uisge troimhe chèile: uime sin an ciad neach a rachadh sìos ann, an dèidh cur troimhe chèile an uisge, rinneadh slàn e de aon tinneas a bhiodh air.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Oir air àman sonraichte theirinn aingeal an Tighearna do ʼn lochan; us ghluaiseadh an t-uisge. ʼSa chiad fhear a rachadh sios do ʼn lochan an deigh gluasad an uisge, leighiseadh e bho ghalar sam bith a bhiodh air.