John 5:7 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhreagair am fear a bha tinn e, “A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a tha an t‑uisge air a ghluasad, a chuireas dhan linne mi, ach nuair a tha mi a' dol innte thèid neach eile sìos romham.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Fhreagair an duine easlan e, A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a chuirear an t‑uisge troimhe chèile, a chuireas anns an lochan mi: ach am feadh tha mise a’ teachd, tha neach eile a’ dol sìos romham.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Fhreagair an duine easlan e, A Thighearna, chan eil duine agam, nuair a chuirear an t‑uisge troimhe chèile, a chuireas anns an lochan mi: ach am feadh tha mise a’ teachd, tha neach eile a’ dol sìos romham.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Fhreagair an duine euslainteach e: A Thighearna, cha n-eil duine agam, a chuireas san lochan mi, nuair a ghluaisear an t-uisge: oir nuair a tha mise a tighinn, tha neach eile a tearnadh romham.