John 6:5 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin nuair a sheall Ìosa suas agus a chunnaic e gun tàinig sluagh mòr thuige, thuirt e ri Philip, “Càit an ceannaich sinn aran airson 's gun ith iad seo?”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin nuair a thog Iosa suas a shùilean, agus a chunnaic e gun tàinig buidheann mhòr shluaigh da ionnsaigh, thubhairt e ri Philip, Cia an t‑àit as an ceannaich sinn aran a‑chum gun ith iad seo?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Nuair ma ta a thog Iosa suas a shuilean, ʼsa chunnaic e anabarr sluaigh air tighinn ga ionnsuidh, thuirt e ri Philip: Co as a cheannaicheas sinn aran, los gun ith iad so?