John 7:28 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Mar sin, fhad 's a bha e fhathast a' teagasg anns an teampall, dh'èigh Ìosa, “Is aithne dhuibh mise agus cò às a tha mi. Ach cha tàinig mi uam fhèin. Tha esan a chuir a‑mach mi fìor, agus chan aithne dhuibhse e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin ghlaodh Iosa anns an teampall, agus e a’ teagasg, ag ràdh, Is aithne dhuibh araon mise, agus cia as dhomh: agus cha tàinig mi uam fhèin, ach tha esan fìor a chuir uaithe mi, air nach eil eòlas agaibhse.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin ghlaodh Iosa anns an teampall, agus e a’ teagasg, ag ràdh, Is aithne dhuibh araon mise, agus cia as dhomh: agus cha tàinig mi uam fhèin, ach tha esan fìor a chuir uaithe mi, air nach eil eòlas agaibhse.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Air an aobhar sin ghlaodh Iosa anns an teampull, a teagasg ʼsa g-radh: Is aithne dhuibh mi, agus is aithne dhuibh co as a tha mi; ʼs cha tainig mi bhuam fhein, ach tha esan fior, a chuir mi, neach nach aithne dhuibhse.