John 8:21 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, “Tha mise a' falbh, agus bidh sibh gam shireadh, agus bàsaichidh sibh nur peacadh. Chan urrainn dhuibhse tighinn dhan àite far a bheil mise a' dol.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thubhairt Iosa riu a‑rìs, Tha mise a’ falbh, agus iarraidh sibh mi, agus bàsaichidh sibh nur peacadh; chan urrainn sibhse teachd don àite dom bheil mise a’ dol.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin ma ta thuirt Iosa riu rithist: Tha mise a falbh, agus iarraidh sibh mi, agua gheobh sibh bàs ʼnur peacadh. Far am beil mise a dol, cha n-urrainn duibhse tighinn.