John 8:44 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal agus is iad miannan ur n‑athar as toigh leibh a dhèanamh. Bha esan na mhurtair on toiseach, agus cha sheas e anns an fhìrinn, a chionn 's nach eil fìrinn ann. Nuair a dh'innseas e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a' bruidhinn, oir is e breugaire a th' ann agus is esan athair na brèige.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana-miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Tha sibhse o ur n‑athair an diabhal, agus is iad ana‐miannan ur n‑athar as toil leibh a dhèanamh: bha esan na mhortair o thùs, agus cha d’fhan e anns an fhìrinn, a chionn nach eil fìrinn ann. Nuair a labhras e breug, is ann uaithe fhèin a tha e a’ labhairt: oir is breugair e, agus is e athair na brèige.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSann bho ʼn deomhan ur n-athair a tha sibhse: agus iarratas ur n-athar ʼs aill leibh a dhianamh: bha esan ʼna mhurtair bho thoiseach, ʼs cha do sheas e san fhirinn: a chionn ʼs nach eil an fhirinn ann: nuair labhras e briag, tha e labhairt bhuaithe fhein: chionn gur briagadair e, agus athair nam briag.