John 8:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach nuair a chuala iadsan seo, chaidh iad a‑mach aon às dèidh aoin, a' tòiseachadh leis an fheadhainn a bu shine, agus chaidh Ìosa fhàgail na aonar, agus am boireannach na seasamh anns a' mheadhan.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus nuair a chuala iadsan seo (air dhaibh a bhith air an agairt len cogais fhèin), chaidh iad a‑mach an dèidh a chèile, a’ tòiseachadh aig an dream a bu shine, gus an dream mu dheireadh: agus dh’fhàgadh na aonar Iosa, agus a’ bhean na seasamh anns a’ mheadhon.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach air so a chluinntinn, ghabh iad a mach lion fear us fear, a tòiseachadh aig an fheadhainn bu shine; agus dhʼ fhagadh Iosa ʼna aonar, ʼs am boirionnach ʼna seasamh sa mhiadhon.