John 9:16 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt cuid dhe na Pharasaich, “Chan eil an duine seo o Dhia, a chionn 's nach eil e a' cumail na Sàbaid.” Ach thuirt cuid eile, “Ciamar as urrainn do dhuine a tha na pheacach a leithid seo de chomharraidhean mìorbhaileach a dhèanamh?” Agus bha sgaradh nam measg.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas-aonachd nam measg.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Uime sin thubhairt cuid de na Pharasaich, Chan eil an duine seo o Dhia, do bhrìgh nach eil e a’ gleidheadh na sàbaid. Thubhairt cuid eile, Cionnas a dh’fhaodas duine a tha na pheacach a leithid seo de mhìorbhailean a dhèanamh? Agus bha eas‐aonachd nam measg.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
An sin thuirt cuid de na Phairisich: Cha n-eil an duine so bho Dhia, a bhrigh nach eil e cumail na sàbaid. Ach thuirt cuid eile: Ciamar is urrainn do dhuine a tha ʼna pheacach an leithidean so de mhiarailtean a dhianamh? Us bha eas-aontasʼ nam measg.