John 9:7 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Thuirt e ris, “Fhalbh 's glan thu fhèin ann an linne Shilòaim” (a tha a' ciallachadh ‘Air a Chur’). Mar sin dh'fhalbh e, agus ghlan e e fhèin, agus thàinig e air ais is e a' faicinn.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar-theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt e ris, Imich, ionnlaid ann an lochan Shilòaim (is e sin air eadar‐theangachadh, Air a chur). Uime sin dh’imich e, agus dh’ionnlaid e, agus thàinig e a’ faicinn.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt e ris: Falbh, nigh ann an lochan Shiloé (se sin air eadar-theangachadh, Cuirte). Shiubhail e ma ta, us nigh e, agus thainig e a faicinn.