Jude 1:12 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Tha iad seo nan smalan nur fèillean, nuair a tha iad gun eagal air chuirm còmhla ribh, gan ionaltradh fhèin; sgòthan gun uisge, air an giùlain mun cuairt le gaothan; craobhan foghair air nach eil toradh, dà thuras marbh, spìonte às na freumhaichean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg-mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Is smalan iad sin nur cuirmean gràidh, nuair a tha iad air cuirmean maille ribh, gam beathachadh fhèin gun eagal: is neòil iad gun uisge, air an giùlan mun cuairt le gaothan; craobhan searg‐mheasach, gun toradh; dà uair marbh, air an spìonadh as am freumhan;
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Tha iad ʼnan smal ʼnam feisdean, a g-ithe chuilmean comhla gun sgàth, a gabhail an satha; is neoil gun uisge iad, a tha air an iomain mun cuairt le gaoithean, is craobhan faghair iad gun mheas, dà uair marbh, spionte as am friamhaichean,