Luke 1:9 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
a rèir cleachdadh na sagartachd — chaidh a thaghadh tro chrannchur airson a dhol a‑steach do theampall an Tighearna agus tùis a losgadh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
A rèir gnàth na sagartachd, b’e a chrannchur tùis a losgadh, air dha dol a‑steach do theampall an Tighearna.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
A reir cleachdadh na sagartachd, gum bʼe chrannchur dol a stigh do thigh an Tighearna, agus tùis a thairgse suas;