Luke 10:30 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhreagair Ìosa, “Bha duine a' dol sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg mhèirleach. Rùisg is lot iad e agus rinn iad às, ga fhàgail leth‑mharbh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd-reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth-mharbh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair Iosa, agus thubhairt e, Chaidh duine àraidh sìos o Ierusalem gu Iericho, agus thuit e am measg luchd‐reubainn, agus air dhaibh a rùsgadh agus a lotadh, dh’imich iad romhpa, air dhaibh esan fhàgail leth‐mharbh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt Iosa, ʼs e freagairt: Chaidh duine araid sios bho Ierusalem gu Iericho, agus thuit e measg mheirleach, a ruisg e; ʼs an deigh a lot, shiubhail iad, ga fhagail leth-mharbh.