Luke 10:34 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Chaidh e thuige agus cheangail e suas a lotan, a' dòrtadh ola agus fìon annta. An uair sin chuir e air a bheathach fhèin e, agus thug e gu taigh‑òsta e, agus ghabh e a chùram.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh-òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thàinig e da ionnsaigh, agus cheangail e suas a chreuchdan, a’ dòrtadh ola agus fìona annta, agus chuir e air a ainmhidh fhèin e, agus thug e gu taigh‐òsda e, agus ghabh e cùram dheth.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼSa dol ga ionnsuidh, cheangail e lotan, a dortadh ola agus fìona unnta; ʼs ga chur air muin a bheathaich fhein, thug e gu tigh-osda e, agus ghabh e curam dheth.