Luke 10:40 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach bha aire Mharta air a tarraing air falbh le mòran frithealaidh. Thàinig i thuige agus thuirt i, “A Thighearna, nach eil dragh idir agad gun do dh'fhàg mo phiuthar mise nam aonar a' frithealadh? Can rithe mo chuideachadh!”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach bha Marta air a ro‑chùradh le mòran frithealaidh, agus air seasamh dhi na làthair thubhairt i, A Thighearna, nach eil suim agad gun d’fhàg mo phiuthar mise am aonar ri frithealadh? Uime sin abair rithe cuideachadh leam.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach bha Marta dripeil mu mhoran frithealaidh: agus sheas i, us thuirt i: A Thighearna, nach eil omhail agad gun dʼfhag mo phiuthar mi a fhrithealadh leam fhein? abair rithe ma ta mo chuideachadh.