Luke 11:46 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt e, “Is mairg dhuibhse cuideachd, a luchd‑lagha, a chionn 's gu bheil sibh a' cur eallaichean troma a tha doirbh an giùlain air daoine, agus cha bhean sib' fhèin ri na h‑eallaichean le aon dhe ur meuran.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd-lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt esan, Is an‑aoibhinn dhuibhse mar an ceudna, a luchd‐lagha: oir tha sibh a’ cur uallaichean troma, do‑ghiùlan air daoine, agus cha bhean sibh fhèin ris na h‑uallaichean le aon de ur meuran.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach thuirt esan: Mo thruaighe sibhse cuideachd, a luchd-lagha, chionn tha sibh a cur eallaichean air daoine nach urrainn iad a ghiulan, ʼs le uibhir agus ur miar cha n-eil sibh fhein a beantuinn do ʼn luchd.