Luke 12:1 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Aig a' cheart àm, nuair a bha sluagh de mhìltean air cruinneachadh ann an dòigh 's gun robh iad a' stampadh air a chèile, thòisich Ìosa air a ràdh ri a dheisciobail fhèin, “Thoiribh an aire oirbh fhèin o thaois nam Pharasach, is e sin breug‑chràbhachd.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Anns an àm sin, nuair a bha sluagh gun àireamh air cruinneachadh, ionnas gu robh iad a’ saltairt air a chèile, thòisich e air a ràdh ra dheisciobail fhèin, Ro gach nì bithibh air ur faicill o thaois ghoirt nam Pharasach, eadhon cealgaireachd.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus air do dhʼanabharr sluaigh a bhith mun cuairt da, air dhoigh ʼs gun robh iad a saltairt air a cheile, thòisich e air radh ri dheisciopuil: Thugaibh an aire dhuibh fhein bho thaois-ghoirt nam Phairiseach, se sin cealgaireachd: