Luke 12:36 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus bithibh‑se mar dhaoine a tha a' feitheamh airson àm‑tillidh am maighstir o fhèist na bainnse, airson 's gum faod iad an doras fhosgladh dha sa bhad nuair a thig e 's a ghnogas e.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad-fhosgail iad dha.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus sibh fhèin cosmhail ri daoine a tha a’ feitheamh ris an Tighearna, nuair a thilleas e on phòsadh; a‑chum air dha teachd agus bualadh, gun grad‐fhosgail iad dha.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus sibh coltach ri daoine a feitheamh ri ʼn tighearna, nuair a thilleas e bho ʼn bhainis; air chor ʼs, nuair a thig e ʼsa bhuaileas e, gum fosgail iad dha an tiotadh.