Luke 12:37 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Is beannaichte na seirbheisich sin a lorgas am maighstir nan dùisg nuair a thig e. Gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun cuir e èideadh air fhèin airson frithealadh, agus gun cuir e nan suidhe iad aig bòrd, agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Is beannaichte na seirbhisich sin a gheibh an Tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi ag ràdh ribh gun crioslaich e e fhèin mun cuairt, agus gun cuir e nan suidhe iad a‑chum bìdh, agus gun tig e a‑mach agus gun dèan e frithealadh dhaibh.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Is beannaichte na seirbhisich sin, a gheobh an tighearna, nuair a thig e, ri faire: gu deimhinn tha mi g-radh ribh, gun crioslaich e e fhein, ʼs gun toir e orra suidhe sios gu biadh, ʼsa dol seachad gum fritheil e dhaibh.