Luke 12:45 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach ma chanas an seirbheiseach sin na chridhe, ‘Tha mo mhaighstir a' cur dàil na thilleadh,’ agus gun tòisich e air na seirbheisich is na bana‑sheirbheisich a bhualadh agus a bhith ag ithe, ag òl is a bhith air mhisg,
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ach ma their an seirbhiseach sin na chridhe, Tha mo thighearna a’ cur dàile na theachd; agus ma thòisicheas e air na h‑òglaich agus na banoglaich a bhualadh, agus ithe, agus òl, agus a bhith air mhisg:
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach ma their an seirbhiseach sin ʼna chridhe: Tha mo Thighearna a dianamh moille ʼna thighinn; ʼs gun tòisich e air na seirbhisich ʼs na ban-sheirbhisich a bhualadh, ʼs air iche, ʼs air ol, ʼsa bhith air mhisg: