Luke 12:47 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Agus an seirbheiseach sin dham b' aithne toil a mhaighstir agus nach do rinn deiseil no nach do rinn a thoil, thèid a bhualadh le mòran bhuillean.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus an seirbhiseach sin dom b’aithne toil a mhaighistir, agus nach d’ullaich e fhèin, agus nach do rinn a rèir a thoile, buailear e le mòran bhuillean.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach an seirbhiseach sin, dha ʼm bʼaithne toil a thighearna, ʼs nach dʼ rinn e fhein deas, ʼs nach dʼrinn air reir a thoil, sgiursar e le ioma strachd.