Luke 12:54 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt Ìosa cuideachd ris an t‑sluagh, “Nuair a chì sibh sgòth ag èirigh anns an àird an iar, anns a' bhad canaidh sibh, ‘Tha dòrtadh a' tighinn,’ agus 's ann mar sin a tha a' tachairt.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thubhairt e mar an ceudna ris an t‑sluagh, Nuair a chì sibh neul ag èirigh anns an àird an iar, air ball their sibh, Tha fras a’ teachd; agus tha e mar sin.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thubhairt e mar an ceudna ris an t‑sluagh, Nuair a chì sibh neul ag èirigh anns an àird an iar, air ball their sibh, Tha fras a’ teachd; agus tha e mar sin.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus bha e mar an ciadna g-radh ris an t-sluagh: Nuair a chi sibh nial a g-eirigh bho ʼn airde-an-iar, grad-their sibh: Tha fras a tighinn; us tha e mar sin.