Luke 12:58 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Fhad 's a bhios tu a' dol led neach‑casaid chun an ùghdarrais, dèan dìcheall rèite a dhèanamh leis air an t‑slighe air eagal 's gun dragh e chun a' bhritheimh thu agus gun toir am britheamh thairis dhan oifigear thu agus gun tilg an t‑oifigear dhan phrìosan thu.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Nuair a thèid thu maille rid eascaraid a‑chum an uachdarain, dèan dìcheall anns an t‑slighe air a bhith air do shaoradh uaithe; air eagal gun tarraing e a‑chum a’ bhritheimh thu, agus gun toir am britheamh thairis don mhaor thu, agus gun tilg am maor am prìosan thu.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a bhitheas thu dol le do namhaid thun an uachdrain, thoir ionnsuidh san t-slighe air thu fhein shaoradh bhuaithe; eagal gun tarruinn e thu ma dhʼ fhaoidte thun a bhrithimh, ʼs gun liubhair am britheamh thu do ʼn mhaor, agus gun tilg am maor thu ann am priosan.