Luke 13:14 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Ach, làn feirge a chionn 's gun do rinn Ìosa leigheas air an t‑Sàbaid, thuirt riaghladair an t‑sionagoig ris an t‑sluagh, “Tha sia latha ann anns am bu chòir obair a bhith air a dèanamh. Mar sin thigibh agus bithibh air ur leigheas air na làithean sin, ach chan ann air latha na Sàbaid.”
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus fhreagair uachdaran an t‑sionagoig, agus e làn feirge airson gun do rinn Iosa leigheas air là na sàbaid, agus thubhairt e ris an t‑sluagh, Tha sia làithean anns an còir obair a dhèanamh: orra seo air an adhbhar sin thigibh, agus bithibh air ur leigheas, agus na b’ann air là na sàbaid.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus uachdran an t-sinagoig, ʼs e air a ghonadh gun do leighis Iosa air an t-sàbaid, a freagairt, thuirt e ris an t-sluagh: Tha sia latha ann air an còir obair a dhianamh: thigibh ma ta orra sin, agus bithibh air ur leigheas, ʼs cha n-ann air latha na sàbaid.