Luke 13:33 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
A dh'aindeoin sin feumaidh mi leantainn orm an‑diugh is a‑màireach agus an ath latha, oir chan urrainn do dh'fhàidh bàs fhaighinn air taobh a‑muigh Ierusaleim.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Gidheadh, is èiginn dhomh imeachd an‑diugh agus a‑màireach, agus an là na dhèidh sin: oir chan fhaod e a bhith gun cuirear fàidh gu bàs a‑mach à Ierusalem.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ach feumaidh mi triall an diugh, am màireach, agus an latha an deigh sin: chionn cha n-fhaod e bhith gun cuirear faidh gu bàs a mach á Ierusalem.