Luke 13:7 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus thuirt e ris a' ghàrradair, ‘Seall, o chionn trì bliadhna a‑nis tha mi air tighinn a shireadh toraidh air a' chraoibh‑fhìge seo, agus cha d' fhuair mi sìon. Geàrr sìos i! Carson a chaitheadh i mathas na talmhainn?’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann-fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thubhairt e ris a’ ghàrradair, Feuch, tha mi rè trì bliadhna a’ teachd a dh’iarraidh toraidh air a’ chrann‐fhìge seo, agus chan eil mi a’ faotainn a’ bheag: geàrr sìos e, carson a tha e a’ fàsachadh na talmhainn?
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt e ri gairneilear an fhionlios: Seall, tha mi nis air tighinn fad thri bliadhna a shireadh meas air a chraoibh-fhige so, ʼs cha n-eil mi ga fhaighinn: uime sin gearr sios i; ciod uige bhuilichte talamh oirre?