Luke 14:12 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
An uair sin thuirt e ris an duine a thug cuireadh dha, “Nuair a nì thu biadh no dìnnear, na gairm do charaidean, no do bhràithrean, no do luchd‑dàimh, no do choimhearsnaich bheairteach, gun fhios nach toir iadsan cuireadh air ais dhutsa agus mar sin gum bi thu air d' ath‑dhìoladh.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd-dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
An sin thubhairt e ris an tì mar an ceudna a thug cuireadh dha, Nuair a nì thu dìnnear no suipear, na gairm do chàirdean, no do bhràithrean, no do luchd‐dàimh, no do choimhearsnaich shaoibhir; air eagal gun toir iadsan mar an ceudna cuireadh dhutsa a‑rìs, agus gum faigh thu a’ chomain cheudna.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Us thuirt e ris-san cuideachd, a thug cuireadh dha: Nuair a ni thu dinneir no suipeir, na gairm do chairdean, no do bhraithrean, no do luchd-eolais, no do choimhearsnaich a tha beartach: eagal ma dhʼ fhaoidte gun gairm iadsan thu fhein rithist, ʼs gum faigh thu dioladh.