Luke 14:18 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Ach thòisich iad uile a dh'aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thuirt a' chiad fhear ris, ‘Cheannaich mi achadh, agus feumaidh mi a dhol a‑mach agus fhaicinn. Tha mi a' guidhe ort, gabh mo leisgeul.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thòisich iad uile a dh’aon ghuth air an leisgeul a ghabhail. Thubhairt an ciad fhear ris, Cheannaich mi fearann, agus is èiginn dhomh dol a‑mach agus fhaicinn: tha mi a’ guidhe ort, gabh mo leisgeul.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus leig iad uile mar-aon air an leisgeul a ghabhail. Thuirt a chiad fhear ris: Cheannaich mi baile fearainn, agus feumaidh mi dol ga fhaicinn: guidheam ort, gabh mo leisgeul.