Luke 14:26 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
“Ma thig neach sam bith thugamsa, agus nach fuathaich e athair fhèin 's a mhàthair, agus a bhean‑phòsta 's a chlann, agus a bhràithrean 's a pheathraichean — seadh agus fiù 's a bheatha fhèin — chan urrainn dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Ma thig neach air bith am ionnsaigh-sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean-phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Ma thig neach air bith am ionnsaigh‐sa, agus nach fuathaich e a athair, agus a mhàthair, agus a bhean‐phòsda, agus a chlann agus a bhràithrean, agus a pheathraichean, seadh, agus a bheatha mar an ceudna, chan eil e an comas dha a bhith na dheisciobal dhòmhsa.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Ma thig duine air bith gam ionnsuidhse, ʼs nach toir e fuath dha athair, ʼs dha mhathair, ʼs dha mhnaoi, ʼs dha chloinn, ʼs dha bhraithrean, ʼs dha pheathraichean, agus dha bheatha fhein cuideachd, cha n-urrainn dha bhith ʼna dheisciopul agamsa.