Luke 14:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
agus gun tig an neach a thug cuireadh dhutsa is dhàsan agus gun can e riut, ‘Thoir an t‑àite agadsa dhan duine seo,’ agus an uair sin gun tòisich thusa, le nàire, air an t‑àite as ìsle a ghabhail.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus gun tig an tì a thug cuireadh dhutsa agus dhàsan, agus gun abair e riut, Thoir àite don duine seo; agus gun tòisich thusa an sin le nàire air suidhe anns an àit as ìsle.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus gun tig an tì a thug cuireadh dhutsa agus dhàsan, agus gun abair e riut, Thoir àite don duine seo; agus gun tòisich thusa an sin le nàire air suidhe anns an àit as ìsle.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS gun tig esan, a thug cuireadh dhutsʼ agus dhasan, ʼs gun abair e riut: Thoir aite do ʼn duine so: ʼs gun tòisich thu an sin le naire air an aite is isle a ghabhail.