Luke 15:9 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Agus nuair a tha i air a lorg, gairmidh i a banacharaidean 's a bana‑choimhearsnaich, ag ràdh, ‘Dèanaibh gàirdeachas còmhla riumsa, oir lorg mi am bonn a chaill mi.’
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana-chàirdean agus a bana-choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus air dhi a fhaotainn, gairmidh i a bana‐chàirdean agus a bana‐choimhearsnaich an ceann a chèile, ag ràdh, Dèanaibh gàirdeachas leamsa, oir fhuair mi am bonn a chaill mi.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
ʼS nuair a gheobh i e, gairmidh i a bana-chairdean, sa bana-choimhearsnaich, a g-radh: Dianaibh aoibhneas maille riumsa, a chionn gun dʼfhuair mi am bonn a chaill mi.