Luke 17:2 — Compare Translations
4 translations compared side by side
Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
B' fheàrr dha gum biodh clach‑mhuilinn air a crochadh ma amhaich agus gum biodh e air a thilgeil dhan fhairge na gun adhbhraicheadh e gum peacaicheadh aon dhen fheadhainn bheaga seo.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
B’fheàrr dha gum biodh clach-mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
B’fheàrr dha gum biodh clach‐mhuilinn air a crochadh ma mhuineal, agus gum biodh e air a thilgeadh anns an fhairge, na gun tugadh e oilbheum do aon neach den mhuinntir bhig seo.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Bʼ fhearr dha clach-mhuilinn a bhith air a crochadh mu amhaich, agus e bhith air a thilgeadh sa mhuir, na e sgainneal a thoirt do h-aon dhe ʼn fheadhainn ʼbheaga so.