Luke 18:15 — Compare Translations

4 translations compared side by side

Gaelic (Scottish) (An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017 )
Bha daoine a' toirt fiù 's naoidheanan thuige airson 's gum beanadh e riutha, ach nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.
Gaelic - Comann Bhìoball na h-Alba 1992, 2017
Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan, a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.
Gaelic ABIG (Scottish) (Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880, 1992)
Agus thug iad da ionnsaigh mar an ceudna naoidheanan, a‑chum gum beanadh e riu: agus nuair a chunnaic na deisciobail seo, chronaich iad iad.
Gaelic Scottish (Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875)
Agus thug iad leanabanan cuideachd ga ionnsuidh gus e bheantuinn daibh. ʼS nuair a chunnaic na deisciopuil so, chronaich iad iad.